
'S e seòmar cabadaich airson luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Tha e saor an asgaidh an seòmar a chleachdhadh, agus thog sinn an seòmar seo gun taic-airgid. Mar sin feumaidh tu a chleachdadh mar a tha e gun a bhith a' gearrainn. 'S e àite cruinneachaidh a th'ann airson a h-uile duine a tha ag iarraidh Gàidhlig a chleachdadh airson spòrs, ionnsachaidh no cuideachaidh. Tha sinn an dùil gum bi luchd-cleachdaidh modhail agus laghach ri a cheile. Chan e serbheis eadar-theangachaidh a th' annain.
Rach gu "clàrachadh" agus lìon am foirm. Feumaidh tu ainm agus facal faire a thaghadh. Rach gu "Seòmar Gàidhlig agus mura h-eil Flash Player agad mar tha, bi an coimpiutair ag iarraidh sin fhaighinn bhon lìon. Feumaidh tu aontachadh ri sin, no cha bhi an Seòmar Gàidhlig ag obrachadh.
Ma nochdas tu agus chan eil duine a-staigh, na theich! 'S dòcha gun tig cuideigin ann an 5 mionaidean. Ma theicheas a h-uile duine gun a bhith a' feitheamh, cha dèan sinn còmhradh a-chaoidh tuilleadh. Mar as àbhaist bidh sinn ann eadar 8 is 11 (Breatainn)/9 is meadhan oidhche (Gearmailt). Bidh oidhche shònraichte ann airson luchd-tòiseachaidh: Oidhche Mhàirt aig 8 / 9. Nach cleachd sibh am Bòrd Naidheachd airson innse cuin a tha bhios sibh ag iarraidh cabadaich. Chan eil mòran riaghailtean againn ach tha sinn ag iarraidh gu bheil e h-uile duine còfhurtail. Mar sin tha beagan agad ri dhèanamh:
Faodaidh tu na h-uinneagan beaga a chleachdadh airson bruidhinn ri aonar a-mhàin. Tha sin nas fhasa airson luchd-ionnsachaidh ma tha an còmhradh eile ro luath no aig ìre ro àrd
Gu tric bidh luchd-ionnsachaidh aig ìrean eadar-dhealaichte an lathair. Bhiodh e snog ma chumas tu do chànan sìmplidh gu leòr gus am bi daoine gad thuigsinn. Faodaidh tu ceartachadh a chuir gu luchd-ionnsachaidh ach na bhi ro chruaidh. Bi faiceallach le daoine diùid nach eil ag ràdh mòran co-dhiù. Tha sinn toilichte gu bheil iad ag ionnsachadh, mearachdan ann no às. Nì sinn ceartachadh le *, mar eisimplir "Tha mi a' tuigsinn thu" - *Tha mi gad thuigsinn.
Bidh daonnan daoine ann a bhios aig ìre nas àrde no nas ìosaile na thu fhèin. Feuch còmhradh a dhèanamh co-dhiù agus bi foighdinneach. Mas e neach-tòiseachaidh a th' annad, nach tig thu Oidhche mhàirt aig 9 (eòrpa) / 8(Breatainn). Bidh daoine ann aig an ìre agadsa agus 's dòcha cuideigin a bhios gur cuideachadh.
cuir ainm nan daoine ris am bi thu a' bruidhinn agus dìreach leugh na rudan a tha thugad-sa. Bidh sin nas fhasa. Faodaidh tu faighneachd ma tha sinn a' cleachdadh faclan neonach. Bidh sinn a' freagairt ceistean gràmair cuideachd. Chan eil e gu diofair ma tha thu slaodach